Écréhous

Suidheachadh Les Écréhous
Sealladh air Les Écréhous

'S e buidheann de dh’eileanan is chreagan anns na h-Eileanan a' Chaolais a th’ anns na Écréhous (Fraingis: Les Écréhous; Jèrriais: Êcrého; Beurla: The Écréhous ).

Tha iad suidhichte anns a’ Chaolas Shasannach mu sia mìle san àird an ear-thuath Jersey agus mu ochd mìle san àird a thuath na Frainge. Tha iad nam pàirt den Bailiwick of Jersey.

Chan eil duine a' fuireach anns na h-eileanan an-seo. Tha bothan beag air cuid dhuibh airson luchd-iasgaich. Ach chan eil uisge airson òl ri fhaighinn anns na Écréhous.

Tha an t-ainm ceangailte leis a' chànan Seann-Lochlannais, tha an t-iar-leasachan -hou (holm) a’ ciallachadh: "eilean". Tha a’ chiad phàirt den ainm às a’ chànain Lochlannais cuideachd, tha sker, a’ ciallachadh sgeir.

Anns a’ bhliadhna 1950 chaidh an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing gu Cùirt Eadar-nàiseanta a' Cheartais airson faighinn a-mach cò aig a bheil na h-eileanan Minquiers agus Écréhous. San 17mh, an t-Samhain 1953 thuirt a' Chùirt Eadar-nàiseanta a' Cheartais gu bheil na h-eileanan nam pàirt den Jersey agus mar sin tha iad ceangailte leis an Rìoghachd Aonaichte. [1].

'S e seo na h-eileanan is creagan as cudthromaiche:

  • Maîtr'Île
  • La Marmotchiéthe (Fraingis:La Marmotière)
  • Lé Bliantch'Île (Fraingis:La Blanche Île)
  • Les D'mies
  • La Grand' Naithe
  • L'Êtchièrviéthe
  • Lé Fou
  • La Froutchie
  1. ICJ Judgement

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Eileanan a' Chaolais
Bailiwick of Jersey JerseyLes ÉcréhousLes MinquiersPierres de LecqLes Dirouilles
Bailiwick of Guernsey GuernseyAlderneySarkHermBrecqhouBurhouOrtacLes CasquetsJethouLihouCrevichonLes Houmets