'S e Ainmean-Àite na h-Alba (no AÀA) an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig. 'S e a phrìomh rùn aontachadh dreachan ceart ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh coitcheann.[1]
Bidh e a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil airson dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus an stiùiridh a dheasaich sinn air ainmean-àite Gàidhlig.[2]
Tha an Com-pàirteachadh air a bhith ag obair cuide ri Suirbhidh Òrdanais, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean Gàidhlig airson mhapaichean is shoidhnichean. Tha an Com-pàirteachadh a' steidheachadh clàr-àitean nàiseanta ainmean Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill. [3]