'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Alasdair [1][2]. 'S e ainm baistidh fireann a th’ ann. Tha e a' nochdadh ann am Beurla mar Alastair, Alistair no Alister [3]. Tha e co-ionnann le Alexander [4].
Thàinig an t-ainm bho thùs bhon ainm Greugach Αλέξανδρος (Aléxandros). Tha ἀλέξω (aléxō) a’ ciallachadh " tha mi a' dìon, a’ cumail air falbh" agus + ἀνδρός (andrós), an tuiseal ginideach airson ἀνήρ (anēr) a bhios a’ ciallachadh "duine". Mar sin 's e "dìonadair an duine" an ciall a th’ aig Alasdair. Nochd e ann an Laideann mar Alexander.
Canar gun do nochd an t-ainm airson a’ chiad turas le Alasdair Mòr Mac Dòmhnaill anns na 1250an.
Tha an t-ainm a' nochdadh ann an ainmean-àite cuideachd, mar eispimpleir: