An Druim Mòr | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill m' Èataine[1] |
Co-chomharran | 54° 40′ 00″ Tuath 04° 54′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Port Neasaig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns An Druim Mòr (Beurla/Beurla Ghallta: Drummore).[3] Tha e suidhichte aig 59m os cionn ìre na mara,[4] anns Na Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Maol nan Gall agus Àrd Bhaile. Tha e 324km air falbh bho Obar Dheathain, 137km bho Ghlaschu, 92km bho Dhùn Phrìs agus 177km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An Druim Mhòr. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, iasgach agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[7] 'S e am baile as fhaide deas an Alba, fiù 's nas fhaide deas na Durham agus Cathair Luail thall ann an Sasainn.
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a e coltach ann gur ann à Druim agus mòr anns a’ Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a’ toirt cuideam dhan teòiridh seo. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille m' Èataine a bhuineas An Druim Mòr, a ghabhas a-steach Port Neasaig, Damnaglaur agus sgìre mhòr ann an ceann a deas nan Rannaibh. Tha 810 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann am bun-sgoil an Droma Mhòir. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Siorrachd Bhaile na h-Ùige an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Grahame Forster | 1,330 | |
Tòraidhean, nise Dumfries and Galloway Independent Group | Roberta Tuckfield | 859.3 | |
Nàiseantaich | Jim McClung | 741 |
'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1060mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha An Druim Mòr. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns an Druim Mhòr.[12] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 55mm eadar an Cèitean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair/an t-Sultain (116mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn