Atharraichean gnàth-shìde thar nan linntean

’S ann mu dheidhinn atharraichean gnàth-shìde thar nan ceudan, nam mìltean agus nam milleanan de bhliadhnaichean de dh’eachdraidh na Talmhainn a tha an duilleag seo, atharraichean leithid nan linntean-deighe. Faic duilleag eile, Atharrachadh na Gnàth-shìde airson fiosrachadh mu na h-atharrachaidhean tubaisteach a thòisich le losgadh guail san Tionndadh Gnìomhachais anns an 19mh Linn, timcheall air a’ bhliadhna 1850, a tha a’ cur carbon dà-ogsaid san aer, agus a tha a’ sìor dol am meud.