'S e baile ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear a tha ann am Baile Chlarc (Beurla: Clarkston).[1] Tha e suidhichte air àirde an earra-tuath Baile Ùr na Maoirne. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 46′ 51.5″ Tuath agus 4° 17′ 15.32″ Iar.
Ann an 2001 bha 19,136 duine a' fuireach an seo. [2]
Bha an sgrìobhadair Alistair MacLean a' fuireach an seo gus an do ghluais e chun an Eilbheis.
Tha an taigh ainmeil, "Greenbank Garden" faisg air Baile Chlarc. Chaidh a thogail anns an 18mh linn agus tha e fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha e fosgailte do luchd-tadhail.