Baile Dhunlèibhe | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Gregor Poynton BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 78,403 |
Mòr-chuid | 3,528[1] |
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Baile Dhunlèibhe (Beurla: Livingston).[2]
Chaidh a chruthachadh ann an 1983 o Lodainn an Iar agus pàirtean de Lodainn Mheadhanach. Bha Robin Cook na BhP airson na sgìre seo mus do chaochail e ann an 2005.[3]
Tha Baile Dhunlèibhe fhèin agus Broxburn anns a' sgìre seo. Ro 2024 agus na crìochan gan atharrachadh bha i ann an crìch ri Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear, Dùn Èideann an Iar, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh, Lannraig agus Hamilton an Ear agus An t-Àrd-Ruigh agus Shotts. Air na crìochan ùra tha i ann an crìch ris na sgìrean seo ach Bathgate agus Gleann Iucha an àite Gleann Iucha agus an Eaglais Bhreac an Ear agus Tobar na Màthar, Cair MoLuaig agus Wishaw an àite Lannraig agus Hamilton an Ear.[4]