Beinn a' Chlaidheimh

Beinn a' Chlaidheimh

Beinn a' Chlaidheimh bhon cheum a Sheanbhail
Àirde (m) 913.96
Àirde (tr) 2998
air liosta Corbett
Suidheachadh
Beinn a' Chlaidheimh is located in Alba
Beinn a' Chlaidheimh
Beinn a' Chlaidheimh (Alba)
Suidheachadh Achadh an Iasgair
Mapa cumadh-tìre Landranger 19
Explorer 435
Comharradh-clèithe NH06127757

'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn a' Chlaidheimh. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe. Tha e 913.96m de dh'àirde, agus tha e 44cm ro bheag airson a bhith na Beinn Rothaich. Bha i aithnichte mar Bheinn Rothaich, ach chaidh ath-mheasadh a dhèanamh ann an 2012, agus tha i a-nis na Corbett.[1]

'S e Clach-ghainmhich Thoirbheartanach a tha a' dèanamh na beinne seo, agus bheir e coltas ruadh oirre.

Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. An uair sin bithear a' streap na beinne bho thuath. Dh'fhaodadh a ceangal leis na Beanntan Rothaich Sgùrr Bàn, Mullach Coire Mhic Fhearchair agus Beinn Tarsuinn. Bidh cuid a' ceangal nam beann air taobh eile a' Ghlinne, A' Mhaighdean agus Ruadh Stac Mòr, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo.[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth Achadh an Iasgair, An Teallach agus Na Fanaichean.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Call inbhe Beinn Rothaich Beinn a' Chlaidheimh
  2. Na Fisherfield Six air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: