Brùra

Brùra

Suidheachadh
Brùra is located in Alba
Brùra
Brùra (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Cataibh
Co-chomharran 58° 0′ 36″ Tuath
3° 51′ 0″ Iar
Comharradh-clèithe NC906039
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,282[1] (2011)
Duilleag oifigeil http://www.crofthaugh.fsnet.co.uk/

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Brùra (Beurla: Brora).[2] Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh air a' mhòr-rathaid A9.

Anns a' bhliadhna 2020 bha 1210 duine a' fuireach an seo[3] agus 1282 ann an 2011.[1]

Tha gnìomhachas beag aige, mar eisimpleir: Iasgach, buinig chlach agus a’ togail bàtaichean. Bha taigh-staile uisge-beatha ann eadar 1819 is 1983. [4] An-diugh cleachdar togalaichean an taigh-staile mar ionad-fiosrachaidh airson an Clynelish Distillery a tha faisg air. Tha stèisean ann cuideachd air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Caisteal Dhùn Robain agus Bun Ilidh.[5]

Thàinig ainm a' bhaile às an t-Seann-Lochlannais agus tha e a' ciallachadh "Abhainn na Drochaid" (Bridge river). A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chleachdadh an t-ainm dìreach air an abhainn a-mhàin, b' e Inbhir Bhrùra an t-ainm a bha air a' bhaile. [6]

Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo.[7]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. Brora/Brùra”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
  3. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  4. The Whisky Guide
  5. Brora”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  6. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 23, Pàrlamaid na h-Alba
  7. Nancy Dorian: East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities, 1978, Dublin Institute for Advanced Studies

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]