Buachaille Èite Mòr | |
---|---|
Buachaille Èite Mòr | |
Àirde (m) | 1,021 |
Àirde (tr) | 3,349 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Comhann |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 41 |
Comharradh-clèithe | NN22275423 |
'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Buachaille Èite Mòr (Beurla: Buachaille Etive Mor). Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà Bheinn Rothaich air: Stob Dearg (1,021m) agus Stob na Bròige (956m). Tha trì mullaich eile air, Stob Coire Altruim (941m), Stob na Doire (1,011m) agus mullach a tha gun ainm anns a' mhapa, a tha 902m de dh'àirde. Tha Stob Dearg ainmeil am measg luchd-streap agus bidh iad a' streap diofar slighean air taobh tuath na beinne, mar eisimpleir Crowberry Ridge agus Curved Ridge. Tha a' bheinn san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann agus san iar air an rathad tro Ghleann Èite. Tha a h-aghaidh ainmeil agus a' nochdadh ann an iomadh dealbh den ghleann.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 aig Allt na Feadh, agus a' dìreadh Coire na Tulaich. dh'fhaodadh an uair sin dìreadh an dà Bheinn Rothaich, tilleadh dhan bhealach agus cromadh tro Coire Altruim[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Beag, Bidean nam Bian, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, agus am Blackwater Reservoir.