Colin Beattie | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan Taghadh: Taghadh Albannach 2011
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan Taghadh: Taghadh Albannach 2021 | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Baile Fharfair, 17 dhen Dàmhair 1951 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Beurla | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus bancair | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Colin Beattie BPA.
Rugadh e ann an 1951 is bha e na sgoilear ann am Farfar. Dh'obrach e mar bhancair agus bha e na chomhairliche aig Comhairle Lodainn Mheadhanaich mus do thaghadh e mar BhPA airson Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan ann an 2011. Tha e na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[1]
Dh'fhrithealaich e mar ionmhasair a' Phàrtaidh airson 16 bliadhna mus do chaill e taghadh an aghaidh Douglas Chapman ann an 2020 is thill e dhan dreuchd nuair a leig Chapman suas e.[2] Chaidh a chur an grèim aig Poileas Alba anns a' Ghiblean 2023 is iad a' rannsachadh cunntasan a' Phàrtaidh.[3] Leig e suas an dreuchd seo agus àite ann an comataidh modh-sgrùdaidh a' Phàrlamaid an dèidh sin.[4]