'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Derek Mackay, BPA.
Thogadh e ann an Rinn Friù agus bha e na chomhairliche fireannach as òige ann an Alba nuair a chaidh a thaghadh do Comhairle Siorrachd Rinn Friù 21 bliadhna de dh'aois. Chaidh e na cheannard na chomhairle ann an 2007.[1]
Chaidh e na BhPA airson Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar ann an 2011. Bha e na Mhinistear airson Còmhdhalach agus Eilean san Riaghaltas na h-Alba ron iomlaid dreuchd air buill chaibineit ann an 2016 is e na Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhais agus a' Bhun-reachd gu ruige 2020 nuair a leig e a dhreuchd dheth as dèidh aithrisean anns an Sun gun do chuir e ceudan teachdaireachd teacsa gu gille nach robh ach 16 bliadhna a dh'aois.[2]
Mus do leig e a dhreuchd dheth, bha e na bhall den Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.