Dùn Gasbaith | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Co-chomharran | 58° 38′ 38.54″ T 3° 1′ 30.43″ I |
Comharradh-clèithe | ND404733 |
Feartan fiosaigeach |
'S e an rubha as àirde an ear-thuath na h-Alba a tha ann an Dùn Gasbaith[1], Ceann Dhunngain[2], Ceann Donnchadh[3] neo Rubha Duncansby[4] (Beurla: Duncansby Head). Tha e faisg air Taigh Iain Ghròt, Gallaibh. Tha Inbhir Ùige mu 23.7km sa deas agus Inbhir Theòrsa mu 28.0 km san iar.
Tha taigh-solais air an rubha, ris an canar Duncansby Head Lighthouse sa Bheurla. Chaidh a thogail le David Alan Stevenson ann an 1924.[5]
Tha an t-àite clàraichte anns an Orkneyinga Saga (900–1200) mar "Dungalsbœr" a tha a' ciallachadh "Tuathanas Dhungail".[2] 'S e ainm pearsanta Ceilteach a th' ann an "Dungal".