El Santuario

El Santuario
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 2150m
Co-chomharran 06º 08″ Tuath
75º 15″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 75 km²
Àireamh-shluaigh 26,287 (2002)
Dlùths 350.49/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas El Santuario

'S e baile meadhanach faisg air San Luis ann an àirde an iar Medellín, anns an Roinn Antioquia,[1] ann an Coloimbia[2] a th' ann El Santuario. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1765.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. 'S e ainm Spàinntis a th'ann El Santuario. Tha e a' ciallachadh A' Chomraich neo An Tèarmann, bhon fhacal Laideann Sanctuarium.[3] Thathar ag ràdh gu robh àite coisrigte dha na Tùsanaich an seo mus do ràinig na Spàinntich. Chaidh seapail a thogail na àite.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 26,287 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 6,454 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bello (is mòran dhuibh mestizos), tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 7.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92,9% dhe na daoine ann an El Santuario leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 91,4,7% dhe na dachannan.[6]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ebéjico. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an El Santuario

Mapa na Sgìre[dead link]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Real Diccionario de la Lengua
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE[dead link]
  7. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: