Fergie Dòmhnallach

Fergie Dòmhnallach
Beatha
Breith Glaschu, 24 dhen Ghiblean 1938
Dùthaich  Alba
Bàs 23 dhen Ghiblean 2024
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-ciùil, leasaiche-cuirp agus òstair
Inneal-ciùil bogsa-ciùil

'S e neach-ciùil Gàidhealach à Mùideart a bha ann am Fergie Dòmhnallach. Bha e na chluicheadair bogsa-phutan agus bha e na cheannard chòmhlan-ciùil chèilidh mhìorbhaileach o chionn còrr is 40 bliadhna. Bha Gàidhlig aige.[1] Chuir e còmhlan ri chèile airson a' chiad uair ann an 1953. Nochd e air rèidio a' BhBC agus air telebhisean ann an 1964.[1] Gu ruige seo, chlàr e air còrr is 32 clàran.[1] Bha e a' cluich gu cunbhalach air BBC Alba agus ' s e fhèin a bh' anns a chiad duine a chraolaich fìor cheòl cèilidh air a' BhBC. Bha e na òstair aig an Taigh-òsta Chlann Raghnaill ann am Mùideart, far a bheil ho-ro-gheallaidh is craic ri fhaighinn a h-uile deireadh-seachdain. Chaidh a sgeulachd-beatha Fergie fhoillseachadh ann an 2003 agus chaidh prògram a chraoladh mu a dheidhinn air Oidhche Challain an aon bhliadhna.

Eachdraidh a Bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Glaschu agus thogadh e ann am Mùideart.[2] Chaidh Fergie dhan bun-sgoil Mhìogharraidh agus Àrd-sgoil a' Ghearasdain.[1] Chaidh e an uair sin dhan airm. Nuair a dh'fhàg e an t-airm fhuair e teisteanas mar leasaiche-cuirp ann an Glaschu.[1] Fhuair e MBE ann an 2021.

Bhàsaich e aig aois 86, là gann air 87, anns a' Ghiblean 2024.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Fergie MacDonald”. Air a thogail 15mh dhen t-Samhain 2022.
  2. Fergie Dòmhnallach”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 5mh dhen t-Samhain 2022.
  3. Fergie Dòmhnallach MBE, 1938 - 2024”. 23mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2024. 

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]