Florida (Valle)

Florida
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Valle del Cauca
Àirde 1038m
Co-chomharran 083 20' 00' Tuath
76° 14' 05' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 413 km²
Àireamh-shluaigh 56,008 (2005)
Dlùths 135.61/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach ann an Valle de Cauca, Coloimbia,[1] a th’ ann Florida. Tha e suidhichte aig 1,038m os cionn ìre na mara aig astar dhe 42km bho Chali, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1882.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 56,008 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, chan eil ach 14,951 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Florida, ach tha 4.7% dhe Tùsanaich agus 31.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 90.3% dhe na daoine ann an Florida leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 31.2% dhe na dachannan.[4]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Florida. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Deogracias Fonseca an seo ann an 2008.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Florida