'S e clachan faisg air Baile a' Chaolais a tha ann an Gleann a' Chaolais (Beurla: Glenachulish). [1] Tha e suidhichte anns a' ghleann a tha a' leantainn dhan Chaolas Mhic Phadraig. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 40′ 59.15″ Tuath agus 5° 11′ 32.96″ Iar.
Chaidh na taighean a thogail le Coimisean na Coilltearachd anns an 20mh linn. Tha raon-goilf beag le 9 tollan air na achaidhean faisg air a’ chlachan.
Tha Beinn a' Bheithir timcheall air a' bhaile, beinn aig a bheil dà Rothach - Sgorr Dhearg (1,024 m; 3,360 troigh) agus Sgorr Sgurr Dhòmhnaill (1001 m; 3,284 troigh).
Tha an t-òran "Gleann Bhaile Chaoil", sgrìobhte le Iain Camshron, a' gabhail air a' bhaile seo. Seo an t-sèisd:
O nach robh mi thall sa' ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil,
Nan robh mise thall sa' ghleann a' fuireach
Chan fhàgainn e tuille, gleann lurach mo ghaoil.[2]