Inbhir Garadh

Inbhir Garadh
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Loch Abar
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 4′ 8.11″ Tuath
4° 48′ 3.1″ Iar
Comharradh-clèithe NH302010
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 438 ()

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Garadh (Beurla: Invergarry). Nochd ainm a' bhaile ann an Dwellys 1912 mar Inbhir-gharadh. [1] Tha am baile suidhichte san àird an ear anns a' Ghleann Mhòr far a bheil Abhainn Gharadh a' sruthadh ann an Loch Omhaich. Faisg air meadhan a' bhaile tha gobhal-rathaid ann eadar an A82 bho Inbhir Nis don Ghearasdan, agus an A87 a leanas don Eilean Sgitheanach. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 4′ 8.11″ Tuath agus 4° 48′ 3.1″ Iar.

Tha Eaglais Inbhir Garadh ann bho 1864 a-mach agus chaidh an togalach a leudachadh ann an 1896. Chaidh an drochaid thairis air Abhainn Gharadh a thogail anns na 1930an. Ann ann 2006 thogadh ionad-coimhearsnachd ùr far a bheil an ionad-fiosrachaidh cuideachd.

Tha tobhtaichean den Chaisteal Inbhir Garadh faisg air a' bhaile air Creagan an Fhithich.

Tha Comann Camanachd Ghleanna Garadh aca, agus tha an cluicheadair camanachd James Clark a’ fuireach ann an Inbhir Garadh.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Faclair Dwellys
  2. Keeping out of the D

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: