Innis nan Damh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Cataibh |
Sgìre | Asaint |
Co-chomharran | 58° 9′ 0″ Tuath 4° 58′ 48″ Iar |
Comharradh-clèithe | NC 246 217 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile ann an Asaint a tha ann an Innis nan Damh. Tha e suidhichte air an rathad A837 eadar Ulapul agus Loch an Inbhir aig ceann Loch Asaint.
Faisg air Innis nan Damh tha Uamhan nan Cnàmhan ann (Bone Caves sa Bheurla). Chaidh cnàmhan mathain, sionnaich, madaidhean-allaidh is fiadh-Lochlannach a lorg. Lorgadh cnàmhan mathan-bàn cuideachd, na h-aon cnàmhan mathain-bhàn a chaidh a lorg ann an Alba gu ruige seo.[1] Thathar den bheachd gu bheil iad mu 11.000 bliadhna a dh'aois no fiù 's nas sine na sin. Bho 2008 a-mach tha iad aig taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson barrachd rannsachaidh. Lorgadh cnàmhan daonna cuideachd a tha cho sean ri trì mìle bliadhna RC.
Tha tobhtaichean Caisteal na h-Àird Bhrice suidhichte faisg air a' bhaile air bruach Loch Asaint. Chaidh an caisteal a mhilleadh le stoirm làidir ann an 1795.
Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, a chaidh a thogail ann an 1743. Ach ann an 1814 bha an togalach ann an droch staing, gun suidheachanan ach le uisge a bha a‘ tighinn tron mhullach. Bha seilbheadair oighreachd Chataibh ag iarraidh eaglais ùr a thogail ann an Loch an Inbhir, agus mar sin dhiùlt e a càradh airson greis. Mu dheireadh thall rinn iad obair bhunaiteach, ach gun a bhith a' leigeil a-mach air an eaglais airson a bhith mòr gu leòr do dh'àireamh-shluaigh na h- Asainte. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh gu tur ann an 1900 leis an ailtire William Joass à Inbhir Pheofharain. Bhon uair sin bha an eaglais na pàirt cudromach ann am beatha na coimhearsnach, gus an deach i a dhùnadh anns na 1970an. Dh’fhosgail i a-rithist ann 2003 an dèidh ath-nuadhachaidh mar togalach airson na coimhearsnachd. Tha cruinneachadh den eachdraidh ionadail is tasglann sloinntearachd ann an-diugh.[2] Faisg air an eaglais lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach bhon àm eadar an 8mh is 11ad linn.
Bha taigh-seinnse ann bho 1736 a-mach, a chaidh ath-thogail timcheall air 1774, agus 's e sin an Inchnadamph Hotel an-diugh. A-measg dhaoine ainmeil eile bha Ben Peach agus John Horne a' fuireach an seo, nuair a rinn iad an obair cliùiteach air geòlas na Gàidhealtachd. [3]
Bliadhna | Àireamh-shluaigh |
---|---|
1774 | 79 |
1811 | 169 |
1841 | 26 |
1861 | 19 |
1881 | 32 |
Anns a' chlàr chithear crìonadh àireamh-shluaigh. Gu h-àraidh eadar 1812-1819, aig Àm nam Fuadaichean b' fheudar do 143 duine am baile fhàgail. [4] Bha aimhreitean ann ann an 1883 an aghaidh ministeir ùir à Srath Nabhair, air sgàth 's gun robh muinntir a' bhaile den bheachd gum biodh am ministear a' cur taic do phoileasaidh nam fuadaichean. Ach chaidh a' chuid a bu mhotha de na daoine ath-thuineachadh air a' chosta, gu ìre mhòr far a bheil Oighreachd Asaint a Tuath an-diugh. [5]
Tha mòran beanntan timcheall air Innis nan Damh, mar eisimpleir Cona Mheall a tha na Beinn Rothaich.
Tha an sgìre ainmeil air sgàth am Moine Thrust a tha suidhichte faisg air a' bhaile. Mar sin bha agus tha an sgìre timcheall air Innis nan Damh ainmeil a-measg nan clach-eòlaichean. Bha an obair aig John Horne agus Ben Peach a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd. Chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan: "To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980."
Ann an 2009 chaidh Innis nan Damh a' sguabadh bhon liosta mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta. Bha George Vestey, neach-seilbhe Innis nan Damh den bheachd nach robh dleastanasan a thaobh glèidhteachas nàdair a' dol leis na h-amasan aige, mar eisimpleir: fèidh gu leòr a chumail airson sealg.[6]