Jämshög
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Blekinge | ||||
Sgìre | Blekinge län | ||||
Co-chomharran | 56° 14’ Tuath 14° 31′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 163 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,543 (2005) | ||||
Dlùths | 9.47/km² | ||||
Àireamh fòn | 0454 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag oifigeil (Olofström) |
‘S e clachan (Suainis: tatort) ann am an ceann a deas na Suaine a th’ann Jämshög. Chaidh am baile a stèidheachadh mu 1100.[1] Tha e suidhichte anns an sgìre Blekinge, anns an roinn (Suainis: Län) Blekinge,[2] eadar Loch Halen agus Loch Orlunden, ri taobh na h-Aibhne Mieån.[3] Tha am baile fhèin aig 52m os cionn ìre na mara[4] 226km air falbh bho Ghöteborg agus 403km bho Stockholm prìomh-bhaile na dùthcha.[5] Tha 1,543 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[6] ‘S e an dualchaint Bleskingska (measgachadh dhe Suainis agus Danmhairgis) a tha ga bhruidhinn anns an sgìre. Chaidh Jämshög a thoirt ri chèile, aig ìre riaghaladh, le Kyrkhult agus Olofström ann an 1967.
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à hög (Gàidhlig: àrd/bàrr) agus Jäm (iarann) a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Bàrr an Iarainn dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Bliadhna | Daoine |
---|---|
2005 | 1543 |
2000 | 1593 |
1995 | 1658 |
1990 | 1651 |
1980 | 1715 |
1975 | 1760 |
1970 | 1626 |
1965 | 1367 |
1960 | 1024 |