La Unión (Nariño)

La Unión
municipality of Colombia
Cur air cois1847 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNariño Deasaich
Domhan-leud is -fhad1°36′19″N 77°7′47″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.launion-narino.gov.co Deasaich
Map

'S e baile meadhanach ann an Nariño, Coloimbia,[1] a th’ ann an La Unión. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 1,650m os cionn ìre na mara agus 92km air falbh bho Phasto. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 19˚ aige, rè na bliadhna. Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1945.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 27,914 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 17,636 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail nan sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ ann La Unión fhathast.

A taobh cinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an La Unión, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.3% dhe na daoine ann an La Unión leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 12.2% dhe na dachannan.[4]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Unión. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]