Linne Chrombaidh

Sealladh bhon mhuir air na Sùdraichean Chrombaigh
Crainn-ola ann an Linne Chrombaidh
Drochaid Chromba
Sealladh thairis air an linn air Beinn Uais

'S e linne mara a tha ann an Linne Chrombaidh[1] (Beurla: Cromarty Firth), a’ sìneadh a-steach dhan tìr bhon Chuan Moireach. Aig inbhir Linne Chrombaidh chithear dà rubha, tha am fear sa tuath 151 m a dh'àirde agus an fear eile sa deas mu 141 m a dh'àirde. Canar "Sùdraichean Chrombaigh"[2] ("Sutors of Cromarty" no "The Sutors") riutha, facal bho Albais "souters" air sgàth' s gu bheil iad coltach ri greusaiche a' cromadh air brògan.

Tha Linne Chrombaidh a' sìneadh chun an iar fad 19 mìle (30.6 km). San fharsaingeachd tha an linne timcheall air mìle (1.6 km) a leud. Aig ceann Linne Chrombaidh tha Abhainn Chonainn a 'sruthadh innte. Air bruach na linne 's iad na bailtean as motha: Inbhir Pheofharain san iar, Cromba san ear agus Inbhir Ghòrdain sa tuath. Tha na bailtean Alanais, Cùil Bhàicidh agus Baile Eòghainn faisg air an linne. Gheibhear deagh shealladh air an linne bho Bheinn Uais agus Cnoc Fhaoighris.

Anns an Dùbhlachd 1976 thòisicheadh drochaid a thogail thairis air Linne Chrombaidh. Chosg an drochaid timcheall air 5 millean £ agus chaidh e fhosgladh san Ghiblean 1979. Tha e a' ceangal an rathaid A9 eadar Aird Ilidh agus Fionndan. B' àbhaist aiseagan a dhol thairis air an linne, ach an-diugh chan eil ach aiseag a-mhàin a' ruith eadar Cromba agus Neig as t-samhradh.

Tha Linne Chrombaidh gu tuath agus Linne Mhoireibh gu deas a' cruthachadh an Eilein Duibh, nach eil ’na eilean idir ach ’na àird fharsaing.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cromarty Firth”. Stòr-dàta Briathrachais SMO. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017.
  2. Sùdraichean Chrombaigh”. Am Faclair Beag. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]