Co-chomharran: 57°20′00″N 5°00′00″W / 57.333333°N 5°W
'S e loch tasgaidh stèision dealan-uisge ann an Alba a tha ann an Loch Mullardoch (ainm eile: Loch Moyley)[1]. Tha e suidhichte ann an Gleann Canaich air a' Ghàidhealtachd.
A rèir suirbhidh a rinneadh ann an 1903 bha an loch mu 4 mìle (6 km) a dh'fhad agus bha an leud aige leth-mhìle (800 m) aig an àite as leathainne. [2] Chaidh dama a thogail ann an 1951 aig ceann an ear. Bha lochan eile air an robh na h-ainmean Loch Lungard, Loch Frith an Acha' agus Lochan na Cloiche suidhichte aig ceann an iar Loch Mullardoch. Bhon àm nuair a chaidh an dama a thogail tha iad nam pàirt den loch tasgaidh gu lèir.[3] An-diugh tha Loch Mullardoch mu 10 mìle (16 km) a dh'fhad.[4] Tha uisge Loch Mullardoch a' sruthadh tro thunail do Loch Beinn a' Mheadhoin airson dealain-uisge a chruthachadh.[3]