Lucy Qinnuayuak | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Salluit, 1915 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs |
Kinngait (en) ![]() |
Teaghlach | |
Cèile |
Tikituk Qinnuayuak (en) ![]() |
Dreuchd | |
Dreuchd |
neach-tarraing agus printmaker (en) ![]() |
B' e neach-ealain Inuit a bh' ann an Lucy Qinnuayuak (1915-1982).[1] Tha a cuid saothair a' nochdadh ann an iomadh cruinneachaidhean agus chaidh a chleachdadh air bratach Oilimpigeach.
Rugadh Qinnuayuak ann an, no faisg air, Salluit, Québec ann an 1915.[1] Nuair a bha i òg, dh'imrich an teaghlach gu Eilean Bhaffin, far an robh iad a' còmhnaidh ann an Cape Dorset.[2] Na deugaire, chaidh banais a chur air dòigh dhi agus phòs i Tikituk Quinnuayuak.[3] B' e snaidheadair agus fear-ealain a bh' ann an Tikituk cuideachd.[2][4] Lean iad orra ann an dòigh-beatha traidiseanta le bhith sealg, a' gluasad mu cuairt an Rubha Foxe agus diofar champa leithid Shapujuak, Ittiliakjuk, Igalallik, agus Kangia.B' e an té-ealain eile, Kenojuak Ashevak, a banta.
Thòisich Qinnuayuak air obair ealain anns na 1950an. Bu i aon de na ciad a fhreagair an iarrtas aig James Houston airson dealbhan Inuit.[5] Chaidh a' chlach airson Large Bear (1961) a thoirt dhan Ghailearaidh Tate, Lunnainn, le Sir Charles Gimpel. Chithear an-diugh e aig an Scott Polar Research Institute, Cambridge. Chaidh an obair aice a chleachdadh anns a' chruinneachadh clò-bhualaidh Cape Dorset ann an 1961. Nochd 136 dealbhan a rinn i anns a' chruinneachaidh ro àm a bàis ann an 1982.
Chleachd Qinnuayuak graphite agus peansailean dathte mar as tric, ach dh'fheuch i barrachd stuthan anns na 1970an–80an le dathan-uisge agus peant aicriolach.
Aithnichte airson a dealbhan de dh'eòin artach, chaidh obair Qinnuayuak a thaisbeanadh gu tric ann an Canada agus ann an dùthchannan eile. Chaidh fear de na dealbhan a chleachdadh air bratach sanasach airson Geamannan Oilimpigeach an t-Samhraidh 1976.[2] Tha an dealbh cloiche We all have something to do anns a' Chruinneachadh Ealain Thùsail aig Senate Chanada.[6]
Tha obair Qinnuayuak air nochdadh ann an còrr is ceithir fichead taisbeanaidhean, a' gabhail a-steach An Clò-bhualadh Inuit a rinneadh le Roinn na h-Innseachan agus an Canadian Museum of Civilization, agus a rinn turas eadar-nàiseanta bho 1977 gu 1982. Chìthear a dealbhan ann an Gailearaidh Ealain Ontario, Taigh-Tasgaidh Eachdraidheil Chanada, an Inuit Cultural Institute, Gailearaidh Ealain na Sudbury agus an Ionad Ealain Macdonald Stewart.