Mogoșoaia | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Romàinia |
Ceàrn | Ilfov |
Co-chomharran | 44° 31 34' Tuath 26° 00 12' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 26.42 km² |
Àireamh-shluaigh | 7,625 (2011) |
Dlùths | 288.61/km² |
Àireamh fòn | +40 274/374 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile beag faisg air Bucharest, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann am Mogoșoaia. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Colentina, aig 94m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Ilfov. Tha 7,625 duine a' fuireach ann.[1] 'S ann air turasachd 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte.
'S ann às an ainm pearsanta Mogos ann an Ungairis agus an t-iar-leasachan -falva s' a tha ainm a' bhaile.[2] Chaidh Mogoșoaia a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1566 mar Maghafalw. Thog Constantin Brâncoveanu lùchairt an seo eadar 1698 agus 1702. Rinneadh murt air an sgrìobhadair Marin Preda san lùchairt ann an 1980 air sgàth' s gun do sgrìobh e leabhar anns an tug e càin air an Riaghaltas Stalineach Gheorghe Gheorghiu-Dej anns na 50an.[3]