'S e neach-poileataigs ann an Alba agus Pagastàn a tha ann am Mohammad Sarwar. Rugadh e ann am Punjab ann an 1952 agus dh'imrich e do Ghlaschu. Chaidh e na chiad BhP Muslamach ann an 1997 nuair a bhuannaich e Glaschu Baile Ghobhainn airson na Pàrtaidh Làbarach.[1] Nuair an do mhùth na sgìrean ann an 2005 chaidh e na BhP airson Glaschu Meadhain.[2] Bha e na riaghladair na Punjab eadar 2013 agus 2015.[3] Tha a mhac, Anas Sarwar, cuideachd na neach-poileataigs agus tha e na bhall-liosta airson Glaschu sa' Phàrlamaid na h-Alba.[4]