Nan Shepherd | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Cultair, 11 dhen Ghearran 1893 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Obar Dheathain, 23 dhen Ghearran 1981 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Obar Dheathain 1915) Harlaw Academy (en) |
Cànain | Scottish English (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd agus sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | The Living Mountain (en) |
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
B'e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Anna 'Nan' Shepherd (1893–1981).
Tha i ainmeil airson na nobhailean aice agus an leabhar The Living Mountain (1977); cruinneachadh roisg mun Mhonadh Ruadh. A dh'aindeoin a' bheag a sgrìobh i, tha cliù mòr aice ann an Alba an-diugh agus nochdaidh dealbh dhith air nòta-banca bho Bhanca Rìoghail na h-Alba ann an 2016.[1]
Rugadh i ann an Cùltair agus thogadh i sa Chùilt. Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain agus cheumnaich i ann an 1915.[2][3] Dh'fhuirich i fad a beatha ann an siorrachd Obar Dheathain.[1]
Ann an 1919, fhuair e obair na h-òraidiche a' teagasg Beurla aig an Ionad Trèanaidh do Thidsearan an Obar Dheathain, a chaidh na dhèidh sin ainmeachadh Colaiste Foghlaim Obar Dheathain. Dh'obair i an siud gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 1956.[1]
Bha i eòlach air sgrìobhadairean eile leithid Neil Gunn ris an do chuir i làmh-sgrìobhainn den The Living Mountain.[3]
Ann an 2014, rinneadh prògram aithreasach telebhisean air The Living Mountain agus Nan Shepherd le Robert MacFarlane, sgrìobhadair agus sgoilear aig Emmanuel College, Cambridge. Chaidh a chraoladh air BBC 2 Scotland an toiseach air 2 Dùbhalchd 2014.[4]
Ann an 2016, chuir Banca Rìoghail na h-Alba dealbh de Nan Shepherd air an nòta-banca luach £5. 'S e a' chiad turas a nochdas boireannach nach eil anns an teaghlach rìoghail air nòta-banca a' Bhanca Rìoghail.[1][5] Chaidh an tè-saidheans Mary Somerville a thaghadh airson nòta-banca £10 roimhe ach cha nochd na nòtaichean sin gu 2017.[5] Air an nòta fhèin, tha dà rionnach (iasg cudromach do gnìomhachas an èisg an Alba), pàirt den dàn An Roghainn le Somhairle MacGill-Eain, dealbh den Mhonadh Ruadh agus dealbh de Nan Shepherd.[5]
Chlàr Jenny Sturgeon The Living Mountain mar òrain ann an 2020.[6]
Tha sgeulachdan nan trì nobhailean uile stèidhichte a-mach air an dùthaich ann an Siorrachd Obar Dheathain is iad uile le caileag òg mar phrìomh charactar, coltach ris an nobhail Albannach cliùiteach eile, Sunset Song le Lewis Grassic Gibbon.
Sgrìobh Shepherd The Living Mountain anns na 1940an aig àm an Dàrna Chogaidh Mhòir ach cha deach fhoillseachadh gu 1977.
Lorgar barrachd làmh-sgrìobhaidhean agus litrichean le Shepherd aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[1]