Nancy Dorian | |
---|---|
Beatha | |
Breith | New Brunswick (en) , 1936 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Bàs | 24 dhen Ghiblean 2024 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Mhichigan Connecticut College (en) |
Cànain |
Beurla Gàidhlig Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, daon-eòlaiche agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Colaiste Bryn Mawr Oilthigh Phennsylvania Oilthigh Kiel |
Creideamh | |
Creideamh | Unitarian Universalism (en) |
'S e cànanaiche a th' ann an Nancy C. Dorian. Rugadh i anns na Stàitean Aonaichte agus fhuair i PhD aig Oilthigh Mhichigan. Tha i ainmeil airson nan rannsachaidhean aice air Gàidhlig Cataibh an Ear.
Fad 40 bliadhna rinn Nancy Dorian sgrùdadh air ìre na Gàidhlig aig na daoine anns an sgìre seo. Bha i airson faighinn a-mach a bheil diofair eadar Gàidhlig seann daoine agus daoine òga agus ciamar a bha an cànan ag atharrachadh tro na bliadhnaichean crìonaidh. Tha i a’ feuchainn ri bàs cànain a mhìneachadh le sin. Nì i dealachadh eadar
Tha an dàrna seòrsa a’ ciallachadh daoine fileanta le Gàidhlig làn abairtean agus gnathasan-cainnt agus faclair slàn. Tha an seòrsa eile a’ ciallachadh daoine le Gàidhlig a tha briste a thaobh gràmair, faclair, gnasan-cainnt agus fileantachd.
Tha Dorian a’ dèanamh a-mach gu bheil roinnean aig gach cànan ann an coimhearsnachd dà-chànanach, mar eisimpleir dachaidh, iasgach, sgoil, eaglais.
Airson an cànan a mheasadh thug i seantansan ri eadar-theangachadh ri daoine agus rinn i sgrùdadh air na seantansan. Gu tric bhiodh i a' bruidhinn ri daoine mu dheidhinn chuspairean làitheil agus a' sgrùdadh a' chànain bho sin.
Bhàsaich i 24 an Giblean 2024 ag aois 87.[2]