Nelahozeves
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Mělník | ||||
Sgìre | Středočeský kraj | ||||
Co-chomharran | 50° 15 39' Tuath 14° 18 05' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19.9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,965 (2006) | ||||
Dlùths | 98.74/km² | ||||
Àireamh fòn | + 315 709 | ||||
Duilleag oifigeil | http://nelahozeves.cz/ |
'S e baile beag agus sgìreachd (Seacais: obec) air an àirde an iar-thuath Poblachd nan Seiceach a th' ann an Nelahozeves (Gearmailtis: Mühlhausen an der Moldau). Tha e suidhichte eadar Pràg agus Ústí nad Labem san roinn (Seacais: kraj) Středočeský, ri taobh na h-Aibhne Vlatava, aig 183m os cionn ìre na mara.[1] Tha 1,965 duine a' fuireach ann.[2]
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1352 mar Nelahoda. Bhuineadh am baile dhan sgire Bezirk Melnik ann an Ostair-Ungaire ro 1918. Thug feachdan na Suaine ionnsaigh air a' bhaile trì tursan fad Cogadh nan 30 Bliadhna.[3] Chaidh lùchairt a thogail an seo anns an 16mh Linn.[4] Chaidh a ghabhail thairis leis an Riaghaltas fad bliadhnaichean nan Comunnach ach chaidh a thoirt air ais dhan teaghlach Lobkowicz ann an 1993.