'S e neach-poileataigs Albannach, agus, mar am Morair Stephen à Srath Dhè Ìochdarach, Ball Taigh nam Morairean, a tha ann an Nicol Stephen.
Rugadh agus thogadh e ann an Obar Dheathain. Dh'ionnsaich e lagh aig Oilthigh Obar Dheathain agus bha e na chomhairliche airson Roinn a' Mhonaidh agus na BhP airson Chinn Chardainn agus Srath Dhè eadar frith-thagadh ann an 1991 agus an taghadh coitcheann ann an 1992.[1] Thaghadh e mar BhPA airson Obar Dheathain a Deas ann an 1999 agus bha e na Leas-mhinistear na h-Iomairt agus an Fhoghlaim Bheatha agus na Gàidhlig (19 an Cèitean 1999 - 2 an t-Samhain 2000), Leas-mhinistear an Fhoghlaim, na Roinn Eòrpa agus Chùisean Taoibh A-muigh (2 an t-Samhain 2000 - 28 an t-Samhain 2001) agus Leas-mhinistear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh (28 an t-Samhain 2001–21 an Cèitean 2003).[2] Chaidh e na Mhinistear na Còmhdhalach agus a' Chian-chonaltradh an dèidh do thaghadh 2011.
Bhuannaich e an ceannardas an dèidh do Sheumas Uallas a thoirt a dhreuchd suas ann an 2005.[3] Chaidh e na Leas-phrìomh-mhinistear agus na Mhinistear na Còmhdhalach agus a' Chian-chonaltraidh 27 an Cèitean 2005.[4] Leig e a dhreuchd suas ann an 2008.[5] Thuirt e gun robh obair a' sàrachadh a theaghlach òg.
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005) • Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007) • Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014) • Iain MacShuibhne (21 an t-Samhain 2014 gu 29 am Màrt 2023) • Seòna Robasdan (29 am Màrt 2023 gu 9 an Cèitean 2024) • Ceit Fhoirbeis (9 an Cèitean 2024–) |
Calum Brus (3 am Màirt 1988 gu 18 an Giblean 1992), Seumas Uallas (18 an Giblean 1992 gu 23 an t-Ògmhios 2005), Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 2 an t-Iuchar 2008), Tavish Scott (26 an Lùnastal 2008 gu 17 an Cèitean 2011), Willie Rennie (17 an Cèitean 2011) |