Is e okazu an t-annlan a bhithear ag ithe le rus an cois diathaid Iapanaich. Coltach ris an fhacal Ghàidhlig fhèin - annlan - gheibhear iomadh seòrsa bìdh an lùib an fhacail okazu.
Aig diathad Iapanach, gheibhear bobhla ruis is bobhla brot miso, agus gabhar aon gu trì frith-thruinnsearan (truinnsearan beaga) is aon phrìomh thruinnsear na chois. Mar as trice, 's e sailead is glasraich (no pònairean, tofu, feamainn, sashimi msaa.) a bhios sna trì truinnsearan beaga, agus feòil no iasg anns a' phrìomh thruinnsear. Is e okazu a theirear riutha seo uile.
Is àbhaist do bheil am biadh anns gach frith-thruinnsear air a chòcaireachd ann an dòigh eadar-dhealaichte air sgàth co-chòrdadh fallaineachd. Mar thoradh, is tric a gheibhear soitheach beag saileid, agus soithichean beaga an urra de ghlasraich stòbhte, fraighigte no ròsta. Dh'fhaodadh am prìomh-thruinnsear a bhith air a bhruich le sabhs sòighea, air fraighigeadh no air a ghrìosadh a-rèir dè gnè de bhiadh a th' ann.