Old Man of Hoy

Co-chomharran: 58°53′09″N 3°25′53″W / 58.885705°N 3.431263°W / 58.885705; -3.431263

Old Man of Hoy

Sealladh bhon taobh tuath
Àirde (m) 137
Àirde (tr) 449
Àirde rinneach (m) 122
Màthair-mhullaich Cuilags
air liosta HuMP
Suidheachadh
Old Man of Hoy is located in Alba
Old Man of Hoy
Old Man of Hoy (Alba)
Suidheachadh Hòigh, Arcaibh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (7)
OS Explorer (462)
Comharradh-clèithe HY176007

'S e stac-mara ann an Arcaibh, Alba a th' ann an Old Man of Hoy.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte air taobh an iar an eilean Hòigh ann an Arcaibh, rud beag mu thuath air Rora Head agus iar air Moor Fea. Tha an Old Man of Hoy 137m (449 troigh) de dh'àirde[1] agus mar sin 's e sin an stac-mara as àirde air feadh Bhreatainn.[2] Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde Old Man of Hoy san 20 an t-Samhain 2009.[3] 'S e HuMP a th' ann.

Creag-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]
Dealbh an staca mhara le dà chois, le William Daniell

Tha an stac à seann chlach-ghainmhich dhearg a tha na sheasamh air bonn à basalt. Chan eil an stac seo cho aosmhor, is dòcha mu 250 bliadhna a dh'aois. Chaidh a chruthachadh le bleith-thalmhainn is dòcha timcheall air 1750. Cha do nochd ach rubha an seo ann an 1600 air na mapaichean Blaeu. Ach tha coltas ann gun do sgaraich an stac bho thìr-mhòir Hoigh aig toiseach an 19mh linn[4], mar a tha an dealbh a rinn William Daniell ann an 1819 a dhearbhadh. Tha an dealbh a' sealltainn gun robh dà chois aig an stac le bogha eatarra.[5] Chaill an stac aon de na casan aige ann an stoirm aig toiseach an 19mh linn.[4] Air sgàth 's gu bheil bleith-thalmhainn a' cumail a' dol, nochd cnac mòr air mullach a deas ann an 1992, cnac a tha mu 40 meatair an doimhneachd. Bidh a' phàirt seo a' briseadh sìos san àm ri teachd.[2][4]

Tha an Old Man of Hoy mòr-chòrdte a-measg nan sreapadairean. Ann an 1966 's iad Chris Bonington, Rusty Baillie agus Tom Patey an fheadhainn a bha soirbheachail gus streap air Old Man of Hoy airson a' chiad turais.[6]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. 2.0 2.1 "The Old Man of Hoy". Scapa Flow Landscape Partnership Scheme. Retrieved 25.08. 2015. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help) (Beurla)
  3. "Database of British and Irish Hills". Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  4. 4.0 4.1 4.2 Jim Hansom. "Old Man of Hoy". Retrieved 28. 08. 2015. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  5. "William Daniell: The Old Man of Hoy". Tate. Retrieved 28. 08. 2015. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  6. "1966 climb: The Old Man of Hoy". Mountaineering Council of Scotland. Retrieved 28. 08. 2015. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help) (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: