Orientalism (leabhar)

'S e leabhar a th' ann an Orientalism (ISBN 0-394-74067-X) a chaidh fhoillseachadh an 1978. Anns an leabhar seo chuir Eideard Said air adhart am beachd nach robh ann an “Orientalism” (ainm airson beachd, sgrùdadh no rannsachadh sam bith air an saoghal Earrach – an Orient) ach dòigh smaointinn a bha a cuir a h-uile cinneadh, dùthaich agus creideamh nach buineadh ris an t-saoghal Siarach air leth mar “the other”- àite nas borb, nas sìmplidh le cultar nas lag na bh’ anns an Roinn Eòrpa agus America agus nach biodh a chaidh cho math no cho làidir ri na sgìrean Chrìosdaidh. Bha e den bheachd gur ann stèidhichte air ceangalan “colonial” a bha “orientalism” agus nach deidheadh a dhealachadh bho na h-Impireachdan a bh' aig na dùthchannan Eòrpach agus an cumhachd a bh’ aca air saoghal nan Arab.

Thòisich an leabhar tòrr connspaid, gu h-àraidh eadar an sgoilear ainmeil Bernard Lewis agus Said, agus tha a chuid mhòr den bheachd gun dh’atharraich e gu ìre mòr an dòigh a tha oilthighean a teagaisg mu an Ear Mheadhanach.