Port an t-Sròim | |
![]() Soidhne air an rathad gu Port an t-Sròim | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Siorrachd Rois |
Parraist | Loch Aillse |
Co-chomharran | 57° 0′ 5″ Tuath 5° 49′ 45″ Iar |
Comharradh-clèithe | NG865346 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile beag ann an Ros an Iar air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Port an t-Sròim (Beurla: Stromeferry).[1] Tha e suidhichte air bruach a deas Loch Carrainn. Tha ainm a' bhaile a' sealltainn gum b' e àite cudromach a bh' ann airson dol thairis air an loch. Tha stèisean-rèile dhen rathad-iarrainn Caol Loch Aillse eadar Atadal agus Dùn na Creige ann[2] agus tha an A890 faisg air a' bhaile.
Tha e ainmeil airson aimhreit ann an 1883. B' e ceann-rèile a bha ann agus thog na luchd-obraich fianais an aghaidh a bhith ag obair DiDòmhnaich.[3]
Tha Port an t-Sròim suidhichte air an àite as cumhainge den loch agus mar sin bha seirbhisean aiseig ann airson iomadh bliadhna. Le sin bha ceangal ann chun a' chiad rathaid a chaidh a thogail le Coimisean Rathaidean agus Dhrochaidean na Gàidhealtachd ann an 1809 air bruach a tuath an locha.[4] Nuair a chaidh an A890 a leasachadh air bruach iar-dheas Loch Carrainn agus seachad air Port an t-Sròim, cha robh feum tuilleadh air na seirbhisean aiseig na bu mhotha, mar sin stad iad ann an 1970. Ach ann an 2012 b' fheudar an rathad a dhùnadh, chaidh an aiseag a chur gu feum a-rithist airson greis.[4]