Thàinig Punc Gàidhlig gu aire dhaoine ann an 2005 nuair a nochd dà chlàr làn Gàidhlig a-mach anns an aon mhìos, clàr aig Oi Polloi, 'Carson,' agus clàr aig Mill a h-Uile Rud, 'Ceàrr.' Tha an ceòl ùr seo a' faighinn cluich air BBC Radio nan Gàidheal cho math ri BBC Radio 2 agus bha prògram mu thuras Mill a h-Uile Rud agus Oi Polloi air a chraobh-sgaoileadh mar phàirt dhen sreath, Ealtainn, air BBC 2.
Tha punc Gàidhlig a' sìor fhàs nas treasa agus a-nis tha grunn math de chòmhlanan a' cluich a-mach, Atomgevitter, agus Là Luain nam measg. Nochd Là Luain air a' chiad sreath dhen phrògram-chiùil, Rapal T.Bh., air BBC 2.