'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a th' ann an Rònaigh (IPA: [ˈrˠɔːnaj], Beurla: Rona). Air uairibh canar Rònaigh a Deas ris, airson sealltainn gu bheil e eadar-dhealaichte bho Rònaigh a Tuath faisg air Sula Sgeir. Tha Rònaigh suidhichte eadar an Eilean Sgitheanach agus leth-eilean A' Chomraich. Tha Ratharsair san àird a deas dheth.
Tha an t-eilean cho farsaing ri 3.6 mìltean ceàrnagach, agus ‘s e Meall Acairseid an t-àite as àirde, tha e 125 meatair (410 troigh) a dh’àird. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 34′ 0″ Tuath agus 5° 59′ 0″ Iar.
Thàinig an t-ainm Rònaigh bhon fhacal Seann Lochlannais Hrauney , agus tha e a’ ciallachadh "Eilean sturrach". [1]
B' e Acarsaid Mhòr an tuineachadh a bu mhotha a bha ann. Ged a bha 180 duine a' fuireach air an eilean anns a' bhliadhna 1881 cha robh ach dithis a' fuireach ann 'sa bhliadhna 2001. Tha manaidsear an eilein a' fuireach ann an Rona Lodge, far a bheil leabaidh is bracaist. Tha taighean beaga air mhàl ann an Acarsaid Thioram cuideachd.
Tha aiseag a’ seòladh eadar Port Rìgh agus Rònaigh dà thuras gach seachdain.
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |