Cur air cois | 1541 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Prìomh-bhaile de | Márquez Province |
Sgìre riaghaltais ionadail | Márquez Province |
Domhan-leud is -fhad | 5°24′3″N 73°20′8″W |
Cànan obrach no ainm | Chibchan |
Làrach-lìn | http://www.ramiriqui-boyaca.gov.co/index.shtml |
'S e baile beag ann am Boyacá a th' ann an Ramiriquí. Tha e suidhichte aig 2,179m os cionn ìre na mara. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1541.
Ged a tha 10,789 nan tàmh anns a' bhaile, tha a' mhòr-chuid, neo 6,089 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[1] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[2] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ramiriquí (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.9% dhe na daoine ann an Ramiriquí leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.2% dhe na dachannan.[3]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ramiriquí. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[4] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.