Rampjaar

Adam Frans van der Meulen: Tha Louis XIV a' dol tarsainn air an Rhein aig Lobith.

‘S e Rampjaar (Gàidhlig: bliadhna na Dosgainne) am far-ainm a tha air 1672 ann an eachdraidh nan Tìrean Ìsle. Thoisich Cogadh na h-Òlaind sa bhliadhna siud nuair a thug Sasainn, An Fhraing agus easbaigeachdan Münster agus Köln, le Bernard von Galen agus Maximilian Heinrich von Bayern os an cionn, ionnsaigh air Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte.[1]

Chan fhaodadh do Arm na Frainge an slighe na bu ghiorra tro na Tìrean Ìsle Spàinnteach a ghabhail o chionn 's gun robh an Righ Leopold I, Àrd-phrionnsa na h-Ostair, airson cogaidhean a sheachnadh gu tùr. Le sin rinn na h-easbaigeachadan caidreachas leis na Frangaich air sàilleabh adhbharan logastach.[2] Chaidh na feachdan ionnsaigheach thar na h-Aibhne Rhein air 12 an t-Iuchar 1672 aig Lobith[3] agus thug iad buaidh air Arm lag fann na Poblachd. An ceann greis bha tòrr fhearann san sgìre Twente agus an sgìreachd Zutphen nan làmhan.

Air sgàth an trioblaid sin, bhuail giorag air feadh sgìrean na dùthcha nach robh fo bhuaidh nan coigreach. B' fheudar do mhòran dhaoine chudromach a bha airson pàrtaidh na poblachd an cuid bheachdan atharrachadh air sàilleabh cumhachd nan Orangach. Le sin ‘s e deireadh a’ Chiad Linn gun Stiùbhart (Duitsis: Eerste Stadhouderloze Tijdperk) a bh' anns a’ bhliadhna sin. Tha sin a' ciallachadh gu robh an stàit gu math lag oir cha robh trì roinnean, aig a' char na bu lugha, air stiùbhard a thaghadh gus a' Phoblachd a stiùireadh fad bliadhnachan.

B’ e Johan de Witt an tàinistear airson na stàite na bu chudromaiche, inntinniche aig an àm. Sa bhliadhna sin. Bhuineadh e do sean theaghlach phoblachdach agus bha esan an aghaidh rìghrean fhaighinn air ais san dùthaich. Còmhla ri a bhràthair Cornelis, cha do chaill e dìreach a dreuchd ach a bheatha fhèin cuideachd,[4] nuair a mharbh gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangich iad ann an Den Haag.[5]

A-rèir Margareth Turnor,[6] mhair Bliadhna na Dosgainne 17 mìosan. Dhùineadh bancaichean, sgoiltean, bùthan, taighean-cùirtean agus taighean-cluiche. Bhris peantairean agus luchd-malairt ealaine air sàilleabh staing doirbh an eaconomaidh. Tha seanfhacal na dùthcha ag innis dhuinn gu robh an nàisean redeloos (neo-reusantach), an dùthaich reddeloos (neo-tèarainte) agus an riaghaltas radeloos (neo-dhòchasach).[7]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1672 Disaster Year - Timeline Dutch History - Rijksstudio”. Rijksmuseum. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2018.
  2. Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 30-31.
  3. De slag bij Lobith in 1672(Duitsis). Fietsen in de Achterhoek. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2018.
  4. Johan de Witt (1625 - 1672) (after Jan de Baen) 959529”. National Trust Collections. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2018.
  5. Guido de Bruin, Den Haag: Gevangenpoort: de Haagse broedermoord, 20 augustus 1672 in Maarten Prak (red.), 'Nederland in de zeventiende en achttiende eeuw (Amsterdam 2006)
  6. Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 13.
  7. Radeloos, redeloos, reddeloos(Duitsis). Gemeente Den Haag - Haags Gemeentearchief, Redactie Haagse Tijden. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2018.