Tha Rathad-iarainn Talyllyn (Cuimris: Rheilffordd Talyllyn) na rathad-iarainn bheag, de chumhang 2 troigh 3 oirlich (686mm), a ruitheas an 7.25 miltean neo 11.7 km a-nios o Tywyn, air an oirthir, gu Nant Gwernol faisg air clachan Abergynolwyn, ann an Merionnydd, Gwynedd.
Chaidh an rathad-iarainn a thogal ann an 1866 airson sgleataichean a thoirt bho na cuaraidhean faisg air Bryn Eglwys gu Tywyn. 'S e Rathad-iarainn Talyllyn a' chiad rathad-iarrainn bheag aig an robh cead daoine a thoirt leis le carbad-smuid.[1][2]
Anns a' bhliadhna 1951 bhathar ris an rathad-iarainn a dhùnadh, ach bha mòran daoine ag iarraidh a cumail mar rathad-iarainn dualchasach agus rinn iad sin. Air sgàth 's sin 's e sin a' chiad rathad-iarainn a tha a' ruith le luchd-obrach saor-thoileach. [3][4] Bho àm sin tha e a' tarraing mòran luchd-turais. Cheannaicheadh cuid carbadan-smuide eachdraidheil agus chaidh taigh-tasgaidh (Narrow Gauge Railway Museum) a thogal ann an 2005.