Robert Garioch | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dùn Èideann, 9 dhen Chèitean 1909 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 26 dhen Ghiblean 1981 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann An Àrd-sgoil Rìoghail |
Cànain | Eadailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, sgrìobhadair agus bàrd |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Dàrna Cogadh |
B' e Robert Garioch Sutherland (9 an Cèitean 1909–26 an Giblean 1981) bàrd agus eadar-theangachair Albannach, cliùiteach airson na h-obrach cudromaich aige (le William Soutar agus Sidney Goodsir Smith) ann an ath-bheòthachadh na Beurla Ghallta ann am meadhan an fhicheadamh linn.
Am measg nam buadhannan litreachail air, bha Robert Fergusson agus am bàrd dualchainnt Eadailtis Giuseppe Gioachino Belli. Rugadh Garioch ann an Dùn Èideann agus chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh Dùn Èideann a' nochdadh gu tric san obair aige. Lean e an obair ath-bheòthachadh a thoisich Ùisdean MacDhiarmaid, ged nach robh e daonnan a' gabhail leis a' chùrsa chànanach a stiùir MacDhiarmaid fhèin. Dh'eadar-theangaich e bhon Laideann dà dhealbh-chluich aig Seòras Bochanan, a bharrachd air litreachas Pindar is Hesiod. Dh'fhoillsich e cruinneachadh bàrdachd còmhla le Somhairle MacGill-Eain, Seventeen Poems for Sixpence, ann an 1940.
Dh'obair e mar thidsear, agus bha e na neach-sanais rè an Dàrna Cogadh. San 60an leig e a dhreuchd dhìot mar thidsear is thòisich e ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann is chaochail e ann an 1981.[1]