Cur air cois | 1556 |
---|---|
Stèidhichte le | Juan de los Barrios |
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Central Boyacá Province |
Domhan-leud is -fhad | 5°29′31″N 73°29′12″W |
Cànan obrach no ainm | Chibchan |
Làrach-lìn | http://www.samaca-boyaca.gov.co/sitio.shtml |
'S e baile ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th' ann an Samacá. Tha e suidhichte dìreach 30km air falbh bho Tunja, prìomh-bhaile na roinne, 2,765m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde fhuar a th' ann le teodhachd mu 15˚ thar cheann fad na bliadhna.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1556.
'S e ainm Tùsanach a th'ann an Samacá. ‘S ann à trì facail Muisca a th’ ann: sa (uasal) an t-ainm Ma agus ca (Lùchairt neo Caisteal). Bheireadh sin Caisteal a’ Mhoireir Mha dhuinn sa Ghàidhlig.
Ged a tha 4,862 nan tàmh anns a' bhaile, tha 19,248 a' fuireach air fad, a’ gabhail a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Samacá (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% nan daoine an seo ' S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Samacá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 13.9% dhe na dachannan.[5]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Samacá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
B’ e Ganza a bha na cheann-fheadhna an seo ro àm nan Spàinnteach. Phòs a nighean aig Aquiminzaque, an Rìgh (neo zaque) ann an Hunza.