'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacConaill (Beurla: Jack McConnell). Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.
B' e ceann a' Phàrtaidh Làbarach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.[1]
Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Alamhagh, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche.
Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làbarach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich na Làbaraich gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a' chiad thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an Tobar na Màthar agus Wishaw Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a' chiad Prìomh Ministear na h-Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na àite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eòrpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An dèidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an dèidh sgannal ghabh MacConaill àite mar am Prìomh-Mhinistear as aonais co-fharpais sam bith. Chaidh e na bhall Taigh nam Morairean ann an 2011 agus tha an tiotal Am Morair MacConaill à Gleann Sgoradail aige.[2]
Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2004.[3]
Tha a h-uile teansa ann gur e MacDhòmhnaill a bh' air a theaghlach bho thùs a chionn 's gur e Arainneach a th' ann is a chionn 's gum biodh ur-dhubhadh ann an Gàidhlig Arainn a dhèanadh fuaimneachadh MacConaill de MhacDhòmhnaill. Ach chan eil fios no cinnte againn mu dheidhinn sin, agus is e “Seac MacConaill” an t-ainm Gàidhlig a bh' air aig a' Phàrlamaid,[4][5] agus anns na meadhanan Gàidhlig gu léir nuair a bha e ’na Phrìomh-mhinistear.
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)
Ceannardan a' Bhuidhinn Làbaraich sna Pàrlamaid na h-Alba | Dòmhnall Mac an Deòir (7 an Cèitean 1999 gu 11 an Dàmhair 2000) • Eanraig MacGillÌosa (27 an Dàmhair 2000 gu 8 an t-Samhain 2001) • Seac MacConaill (22 an t-Samhain 2001 gu 15 an Lùnastal 2007) • Wendy NicAlasdair (14 an t-Sultain 2007 gu 28 an t-Ògmhios 2008) • Iain Gray (13 an t-Sultain 2008 gu 17 an Dùbhlachd 2011) |
Ceannardan Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | Seonag NicLaomainn (17 an Dùbhlachd 2011 gu 24 an Dàmhair 2014) • Jim Murphy (13 an Dùbhlachd 2014 gu 13 an t-Òghmhios 2015) • Kezia Dugdale (15 an Lùnastal 2015 gu 30 an Lùnastal 2017) • Richard Leonard (18 an t-Samhain 2017 gu 14 am Faoilleach 2021) • Anas Sarwar (27 an Gearran 2021) |
Ceannardan eadar-amail | Alex Rowley, eadar Dugdale is Leonard • Jackie Baillie, eadar Leonard agus Sarwar |