Sgùrr Alasdair | |
---|---|
Sgùrr Alasdair (sa mheadhain), a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha Sgùrr Thearlaich air an làimh chlì is Sgùrr Sgumain air an làimh dheis dhen dealbh | |
Àirde (m) | 992 |
Àirde (tr) | 3,254 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | An t-Eilean Sgitheanach |
Sreath bheanntan | An Cuiltheann |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 32 |
Comharradh-clèithe | NG45002080 |
'S i Sgùrr Alasdair a' bheinn as àirde anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach. Le 992m de dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Shreap Alexander Nicolson Sgùrr Alasdair ann an 1873 airson a’ chiad turais, agus thathar ag ràdh gur esan a’ chiad duine a-riamh a sheas air a mullach. Às dèidh do Norman Collie faighinn a-mach ann an 1887 gur h-i a' bheinn seo an tè às àirde sa Chuiltheann, thugadh an t-ainm Alasdair oirre gus urram a thoirt do Nicolson. Ach ged a thathar ag innse gur esan a’ chiad duine a-riamh a bha shuas oirre, tha rud iongantach mun sgeulachd sin. Chaidh cìobair a bhoineadh dhan àite, fear Aonghas MacRath, còmhla ri Nicolson air a’ chiad chuairt aige agus lean esan e dhan mhullach. Tha sin a’ toirt a chreidsinn gun robh Aonghas eòlach sa bheinn mar thà, agus dh'fhaodadh e a bhith nach b' e Nicolson idir a’ chiad duine a sheas air mullach Sgùrr Alasdair. Chanadh daoine ionadail Sgùrr Lagain [1] rithe bho thùs agus chleachd Alexander Nicolson fhèin an t-ainm sin.
Tha Loch Coir' a' Ghrunnda san deas dheth.
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid