Sgian-dubh

Sgian-dubh le cas de chabar-fèidh
Sgian-dubh air cas

Tha an sgian-dubh (IPA: [s̪kʲənˈt̪u]) (ann am Beurla gu tric mar skene-dhu) na biodag (sgian bheag) air a bheil aon fhaobhar a chithear mar phàirt de dh'aodach Gàidhealach gu tric. Bhiodh daoine ga cleachdadh airson iomadh adhbhar, eadar biadh ithe no ullachadh agus mar inneal airson rudan eile a ghearradh, can ròpannan no fiodh agus mar bhall-airm airson dìon pearsanta.

Chan fhaicear an-diugh i ach mar phàirt de dh'aodach Gàidhealach tradaiseanta fo bhann an osain leis an dùirn ri fhaicinn.

Am freumh is litreachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged is e dath dubh am prìomh-chiall aig an fhacal dubh, tha ciall 'falaichte' aige cuideacd,[1] agus sin a' chiall a th' aige san fhacal sgian-dubh a-rèir nan sgeulachdan mun sgian seo agus cuideachd a' coimhead air faclan Gàidhlig eile mar dubh-sgeir (sgeir fhalaichte fon mhuir), dubh-fhacal (tòimhseachan) no dubh-cheist (ceist thoinnte gun fhreagairt).

Ged a tha sgian na ainmear boireann, cha chan daoine sgian dhubh ach mas e sgian àbhaisteach a tha dubh a tha fa-near dhaibh (mar eisimpleir, sgian-arain sa chidsin le dòrn dubh). Chan eil sèimheachadh air dubh a chionn 's gu bheil bacadh air sèimheachadh ann an sgian-dubh leis cho àrsaidh 's a tha ainm na sgeine àraidh seo, oir ann an Gàidhlig o shean, bhiodh bacadh air sèimheachadh ma bha ainmear a' crìochnachadh le consan fiaclach (dntls) is am buadhar na dhèidh a' tòiseachadh le consan fiaclach (dntls). Chithear an riaghailte reòithe seo cuideachd ann an ainmean-àite, mar eisimpleir, chan eil sèimheachadh air Dùn Dòmhnaill ged a bhios sèimheachadh air Dòmhnall san tuiseal ghinideach a ghnàth.

Ann am Beurla, chithear am facal seo ann an iomadh dòigh-litreachaidh, a' gabhail a-staigh "skene-dhu" agus "skean-dhu".[2]

Ged is e sgianan-dubha an t-iolra ceart, chan fhaicear seo ach gu h-ainneamh ann am Beurla is cleachdaidh luchd na Beurla skene-dhus mar is trice no fiù skenes-dhu uaireannan.

Dealbh le Henry Raeburn dhe Alasdair MacRaghnaill Ghlinne Garaidh ann an 1812

Dh'fhaoidte gun èirich an sgian-dubh às an sgian-achlais, biodag a chumadh daoine fon achlais aig àm. Bha an sgian-achlais cumanta ann an Alba san 17mh agus 18mh linn agus beagan nas motha na sgian-dubh ar latha agus mar is trice sa mhuinchill uachdarach no lìnigeadh bodhaig seacaid.[3]

A ghnàth, thugadh daoine ball-airm sam bith às na h-àitichean-falaich aca mus rachadh iad a-steach do thaigh caraid agus chuireadh iad iad gu follaiseach san stocainn chneapallach aca.[4]

Tha an sgian-dubh coltach ris an sgian-fheannaidh bheag a bhiodh sealgairean a chleachdadh agus chaidh a chleachdadh airson feannadh gu dearbh fhèin:

Cha robh 'mhaileid doirbh r'a giulan, cha robh innte ach a' chlach theine agus am fada-spuinge, — sgian dubh a dh-fhionnadh nam fiadh, — ribe a ghlacadh an fhirein, ... [5]

Bhiodh seata de sgeinean aca, tè airson bùidsearachd a bhiodh mu 23 is 25 cm a dh'fhaid agus sgian airson feannadh a bhiodh mu 10 cm a dh'fhaid. Bhiodh cas de chabar-fèidh air na sgeinean seo a ghnàth agus sin a' chas a bhiodh aig sgian-dubh an toiseach cuideachd agus tha coltas gur e an sgian seo màthair na sgèine-dhuibhe.[6][7][8]

Tha sgeulachdan ann am beul-aithris cuideachd a th' aig innse dhuinn gun deach a chleachdadh airson bùidsearachd san fharsaingeachd, mar eisimpleir san sgeulachd Lachunn Òg mac Fhionghain agus an t-each-ursainn:

Ghabh Lachunn Og a sgian dubh agus gheàrr e ’n ceann bhàrr na coluinne agus ghlan se e aig tobar a bha faisg air, agus ris an abrar “Tobar a’ chinn” gus an latha ’n diugh.[9]

Chithear an sgian-dubh ann an iomadh portraid a rinneadh de dh'fhireannaich is èideadh Gàidhealach orra a-mach o mheadhan na 19mh linn. Tha portraid le Sir Henry Raeburn dhen chòirneal Alasdair MacRaghnaill MacDhòmhnaill Ghlinne Garaidh ann an Gaileireadh Nàiseanta na h-Alba agus anns an dealbh seo, tha biodag crochte ris a' chrios aige air a thaobh deas agus aig bàrr a stocainn dheas, tha paidhir de sgeinean-dubha. Tha sgian-dhubh gu math coltach ris sa chruinneachadh aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta Bhall Àrsaidh na h-Alba.[10]

Saothrachadh

[deasaich | deasaich an tùs]
Grunn sgeinean-dubha

Bha lannan nan sgeinean-dubha tràtha gu math eadar-dhealaichte. Bha rinn èirigh (mar a th' aig sgian MhicGilleBhuidhe no rinn laighe aig cuid ach an-diugh, 's e an rinn sleagha a tha as cumanta. Tha cuid dhe na lannan as sine ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air an dèanamh de stàilinn Lochlannach no Ghearmailteach, stàilinn a bhiodh na Gàidheil gu math dèidheil air. Tha obair-eighe chreachannach cumanta air druim lannan Albannach.

’S e truaill leathrach a chleachdar a ghnàth, air a dhaingneachadh le fiodh agus le obair-ealain airgid no meatailt eile orra, uaireannan le obair-ghràbhalaidh ach an-diugh, gheibhear truaillean cuideachd a tha nas sìmplidhe agus de stuthan nas saoire.

Leis nach cleachd daoine sgian-dubh an-diugh mar inneal airson gearradh no mar bhall-airm ach dìreach mar bhall-sgeadachaidh, tha na lannan gu math sìmplidh gu tric. Bidh iad de stàilinn neo-mheirgeach a ghnàth agus cas plastaig orra air a bheil coltas fiodha agus sgeadachadh. Tha fiù feadhainn ann nach eil nan sgeinean idir ach dìreach aon bhall-sgeadachaidh air a bheil coltas sgèine-duibhe. A dh'aindeoin sinn, tha feadhainn gu math daor ann a th' air an dèanamh de dhubh-fhiodh, fiodh boglaich, sgeadachadh airgid is mill le fìor chùirn-ghorma is lannan de stàilinn Dhamascus.

Ceistean laghail

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar phàirt de dh'èideadh Gàidhealach, chan eil e an aghaidh an lagha sgian-dubh a bhith aig neach ann an Alba, Sasainn is sa Chuimrigh. Ann an Alba, ’s e Achd lagh eucoirean (Daingneachadh) (Alba) 1995 earr. 49(5)(c) a tha buailteach;[11] agus ann an Sasainn is sa Chuimrigh ’s e an Criminal Justice Act 1988 (earr. 139)[12] agus Offensive Weapons Act 1996 (earr. 4) a tha buailteach.[13]

Ge-tà, ann an sgìrean far a bheil làn-chasg air buill-airm, bidh fiù an sgian-dubh toirmisgte. Mar eisimpleir, chaidh an toirmeasg aig dannsa sgoile ann an Alba,[14] agus an toiseach, chaidh an toirmeasg o chomharradh Blàr Allt a' Bhonnaich san Ògmhios 2014.[15]

Chan eil iad ceadaichte ann an itealain a ghnàth a-nis agus feumar an cur sna màileidean a thèid am broinn an itealain.[16][17][18]

Iomlaid bhiodag

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dàn èibhinn a rinn Lachann Mac Theàrlaich Òig às an Eilean Sgitheanach ann am meadhan na 17mh linn a tha a' toirt iomradh air cleas tradaiseanta le sgeinean-dubha air a bheil iomlaid bhiodag, nàdar de chrannchur. Anns a' chleas seo, thèid an solas a chur dheth agus tilgidh gach fear an sgian-dubh aige fo bhòrd. Thèid am measgachadh an uair sin agus thèid an làimh dheas aig fear a cheangal ri a chliathaich agus dallan a chur air is miotag air a làimh chlì. Thèid an dallan seo fon bhòrd an uair sin is bheir e sgian-dubh dha na fir, tè an dèidh a chèile, san aon òrdugh 's a thilg iad fon bhòrd e agus glèidhidh gach fear an sgian-dubh a gheibh e, ge be dè an tè a fhuair e.

Tha dà thionndadh caran eadar-dhealaichte againn:

Sgian-dubh an Sprogain Chaim[19] A’ bhiodag thubaisteach[20]
Dh’innsinn sgeul mu mhalairt dhuibh,

Nam fanadh sibh gu fòill,
Mar dh’èirich don chall bhreamais dhomh,
Nuair chaidh mi do Dhùn Gleòis;
Air bhith thall an Sgalpa dhomh,
Air cuirm aig Lachann Òg;
Fhuair mi bhiodag thubaisteach,
Le a caisein-uchd bha mòr.

Bu mhath a’ chuirm a bh’ ana-sin,
’S mo bheannachd-sa na dèidh;
’N fhear ud duine chunnaic i,
A dhì-mol i gu lèir;
Ach fhuair mi fhìn bloigh biodaig ann
Nach tig an là nì feum,
Is stiallaire mòr feòsaig oirr’,
Mar fhear d’ a seòrsa fhèin.

Mas oil leibh an athais ud,
Gun robh i agaibh riamh;
Loinidean is òghnaichean(?),
An-còmhnaidh dhuibh bu bhiadh.
Ged dhèanadh sibh cruinneachadh,
Tuilleadh is còig ceud
’S tearc fear gun chaisein-uchd aige,
Cho gharbh ri torc-fiadh.

Chuir an tìr seo ’n duileachd mi,
Nuair chunnaic iad mar bha;
Bha gach neach ga choisrigeadh,
Ron dos a bh’ air a bàrr
Bha sgonn do mhaide seilich innt’
Bu ghèinnean là rinn fàs;
Bheireadh saor neo-chronail aiste,
Crosg den loinid bhàin.

Chuir MacIonmhainn bàirlinn,
An tràth seo ’mach san tìr,
Chuir e na seachd barantais,
Gu Donnchadh Mac a’ Phì
Gabhail gu caol Arcaig leò,
Mu 'n ghabh i tàmh sa 'n tir,
’S a muinntir fhèin thoirt coinne dhi,
'S gur soilleir i do m’ dhìth.

Chan ion-mholaidh ghràbhata sin,
Thug tu steach thar chaol.
An t-arm a bha gun chaisrigeadh,
’S a b’ olc leam air mo thaobh;
’S mairg sliasaid air am facas i:
A’ bhiodag phaiteach mhaol
B’ iomlaideach air bhòrdaibh i,
Sgian-dubh an sgòrnain chaoil.

B’ i sud an bhiodag rosadach,
A b’ olc leam air mo chliath,
’S i ruadh-mheirg uile ’s coltas d’ i,
Fo dhos de dh’fhionnadh liath,
Bha maide reamhar gèinneach innt’
’S car na h-amhaich fiar
Cha ghearradh i sgiath cuileige,
Le buille no le riach’.

Nuair chaidh mi dh’iarraidh breathanais,
Cha d’fhuair mi leithid riamh;
Sin nuair thuirt an Sàileanach,
Nuair chàirich e rium biast;
Mathalt do chuirc Mhòr-thìrich,
D’ am beil an roibein liath i
Duirceall dubh gun fhaobhar,
’N àm taobhadh ris a’ bhiadh.

Bu mhath sa bhruthainn chaorainn i,
’S a ’n caonnag nam fear mòr;
’S e Fionn thug dhi an latha sin.
An t-ath-bualadh na dhòrn;
Thug e na brath-mhionnan sin,
Nach dh’fhàg i duine beò;
’S nach robh neach g’ am beanadh i,
Nach gearradh i gu bhròig.

Thuirt mi fhìn chan fhìor dhut sin,
’S ann chaill thu d’ ciall le aois;
Coid a chuimhne ’s faid’ agad,
On stad i gu bhith maol;
Chaidh mi air mo ghlùn d’ i,
Mun do rùisg i rium a taobh;
’S thug i na seachd sgairtean aist’,
Gus ’n tug mac-talla glaodh.

Bu cheithir bliadhna fichead d’ i,
Bhith ’n cidsein mhorair gall;
’S fhuair i urram còcaireachd,
Thar mòran de na bh’ ann
Bha MacAoidh ga teachdaireachd,
Mun deach e chòmhraig theann,
’S b’ fhèir meal anns a’ chogadh i,
Sgian-dubh an sprogain chaim.

Ged thigeadh Clann Dòmhnaill,
’S na seòid a tha mu thuath,
MacAoidh an tùs feachda leò,
’S garbh-bhratach an taobh tuath;
Nuair thig a’ bhratach Cheann Sàileach,
’S a thairngnear rithe suas;
’S tearc fear gun chaisein gaoiseid air,
Bho smeig gu mhaodail sìos.

Dh’innsinn sgeul mun mhalairt dhuibh,

Na’m fanadh sibh gu fòill,
Mar dh’èirich don chall bhreamais dhomh,
Nuair chaidh mi do Dhùn Gleòis;
Air bhith thall an Sgalpa dhomh,
Air cuilm aig Lachann Òg;
Fhuair mi bhiodag thubaisteach,
Le a caisein-uchda mòr.

Bu mhath a’ chuilm a bh’ ana-sin,
’S mo bheannachd-sa na dèidh;
Bha dùbhlan duine chunnaic i,
Na dìomoladh gu lèir;
Ach fhuair mi fhìn bloigh biodaig ann
Nach tig an là nì feum,
Is stiallaire mòr feòsaig oirr’,
Mar fhear d’ a seòrta fhèin.

Mas oil leibh an athais ud,
Gun robh si agaibh riamh;
Loinidean is òghnaichean,
An-còmhnaidh dhuibh bu bhiadh.
Ged dhèanadh sibh cruinneachadh,
Tuille is còig ceud;
’S tearc fear gun chaisein-uchd aige,
Cho gharbh ri muice fiadh.

Chuir an tìr seo ’n duileachd mi,
Nuair chunnaic iad mar bha;
Bha gach neach ga choisrigeadh,
Ron dos a bha fa bàrr;
Bha sgonn do mhaide seilich innt’;
Bu gheinneanta rinn fàs;
Thug an saor neo-chronail aist,
Crois do loinid bhàin.

Chuir MacIonmhainn bàirlinn,
An tràth seo ’mach san tìr,
Chuir e na seachd barantais,
Gu Donnchadh Mac a’ Phì;
Gabhail gu caol Arcaig leò,
Mun ghabh i tàmh san tìr,
’S a muinntir fhèin thoirt coinne dhi,
’S gur soilleir i do m’ dhìth.

Chan ion-mholaidh ghràbhata sin,
Thug thu ’steach thar chaol,
An t-arm a bha gun choisrigeadh,
’S a b’ olc leam air mo thaobh;
’S mairg sliasaid air am facas i,
’S i bhiodag phaiteach mhaol;
B’ iomlaideach air bhòrdaibh i,
Sgian-dubh an sgòrnain chaoil.

B’ i sud an t-arm gun choisrigeadh,
’S a b’ olc leam air mo chliathaich,
’S ruadh-mheirg uile ’s coltas d’ i,
Fo dhos do dh’fhionnadh liath,
Bha maide reamhar gèinneach innt’
’S car na h-amhaich fiar
Cha ghearradh i sgiath cuileige,
Le buille no le sgrìob.

Nuair chaidh mi dh’iarraidh breathanais,
Cha d’fhuair mi a leithid riamh;
Sin nuair thuirt an t-Sàileanach,
’S ann chàirich e rium biast;
Duirceach do chuirc Mhòr-thìrich,
D’ a bheil an roibein liath;
Duirceall dubh gun fhaobhar,
’N àm taobhsainn ris a’ bhiadh.

Bu mhath sa bhruthainn chaorainn i,
’S a ’n caonnag nam fear mòr;
’S e Fionn thug dhi an latha sin,
An t-ath-bualadh na dhòrn;
Thug i na brath-mhionnan sin,
Nach d’fhàg i duine beo;
’S nach robh neach g’ am beanadh i,
Nach gearradh i gu bhròig.

Thuirt mi fhìn nach b’ fhìor dhi siud,
Gur h-ann chaill i a ciall le h-aois;
Cò i a chuimhne ’s faid agad,
Gun stad thu o bhith maol;
Chaidh mi air mo ghlun d’ i,
Mun do rùisg i rium a taobh;
’S thug i na seachd sgairtean aist’,
Gus ’n tug mac-talla glaodh.

Bu cheithir bliadhna fichead d’ i,
Bhith ’n cidsein mhorair gall;
’S fhuair i urram còcaireachd,
Thar mòran do na bh’ ann;
Bha MacAoidh ga teachdaireachd,
Mun deachaidh ’n chogadh theann,
B’ iomlaideach sa chogadh i,
Sgian-dubh an sprogain chaim.

Ged thigeadh Clann Dòmhnaill,
’S na seòid a tha mu thuath,
MacAoidh an tùs feachda leò,
’S garbh-bhratach an taobh tuath;
Nuair thig a’ bhratach Cheann Tàlach,
’S a thairngnear rithe suas;
’S tearc fear gun chaisein-uchd gu chìochan air,
Gu ruig’ giall a chluas.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Reifreansan

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag”.
  2. "skene1" Oxford English Dictionary. 2nd edition, 1989. [1] (subscription required).
  3. Grancsay, Stephen Vincent (1991): Arms & Armor: Essays From the Metropolitan Museum of Art Bulletin 1920–1964. New York: Metropolitan Museum of Art, td. 82–83. ISBN 978-0-87099-338-1. 
  4. Ray, R. Celeste (2001): Highland Heritage: Scottish Americans in the American South. UNC Press Books, td. 212. ISBN 978-0-8078-4913-2. 
  5. Sgeul mu Choire-na-Sìthe on leabhar A Course of Gaelic Grammar Reid, D. 1908
  6. Blair, Claude (1962): European & American Arms, c. 1100–1850. Virginia: B. T. Batsfords, td. 15–17. ISBN 978-0-8048-1684-7. 
  7. The Waterford Knife”. Irish Archaeology.
  8. Daithi: “Iron Age Ireland”. archive.org.
  9. Naigheachdan Fìrinneach le Fionn (1907)
  10. Holdings: Three Irish knife-daggers (from Co. Mayo).”. nli.ie.
  11. Criminal Law (Consolidation) (Scotland) Act 1995”. legislation.gov.uk.
  12. Criminal Justice Act 1988”. legislation.gov.uk.
  13. Offensive Weapons Act 1996”. legislation.gov.uk.
  14. Top private school bans sgian-dubhs ahead of Christmas dance”. The Scotsman.
  15. No More 'Sgian Dont!' Its Sgian Dubh at Bannockburn!”. clans2014.com. .
  16. Travelling with culturally or religiously significant items”. www.aviation.govt.nz.
  17. TSA Travel Tips: Travelling with Religious & Cultural Items”. www.tsa.gov.
  18. Can I carry sharp-edged religious/cultural regalia/accessories (e.g. Kirpans, Sgian Dhub or Dirks) on my person or in my hand baggage?”. Edinburgh Airport.
  19. Sàr-obair nam Bàrd Gaelach MacKenzie, John 1907
  20. Comhchruinneacha do dh’Òrain Taghta Mac an Tuairneir, Pàdraig 1813

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
 Wiktionary: sgian dubh – Barrachd fiosrachaidh mun fhacal seo