'S e an Sgìre a Deas a tha air aon den dà roinn de sgiobaidhean iomain ann an Alba. Air sgàth 's gu bheil cruinn-eòlas na Gaidhealtachd duilich a thaobh siubhal gu luath is gu furasta, airson adhbharan eachdraidheil chaidh an dùthaich a roinn ann an dà roinn airson co-fharpaisean, leis na sgiobaidhean bhon dà roinn a' coinneachadh a-mhàin anns na cuairtean deireannach de cho-fharpaisean cuaich. Tha Sgìre a Deas a' sìneadh bho Baile a' Chaolais, a' toirt a-steach Latharna is Earra-Ghàidheal agus a' Ghalltachd. Tha e cuideachd a' toirt a-steach sgiobaidhean bho thaobh a-muigh na h-Alba mar Camanachd Lunnainn agus Na Highlanders.
A-nis, tha Prìomh-lìg Nàiseanta ann do Iomain ach fodha seo tha lìgean roinneil ann.