Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Douglas McAllister BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 69,074 |
Mòr-chuid | 6,010[1] |
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar (Beurla: Dunbartonshire West).
Chaidh a chruthachadh ann an 2005 o Dhùn Breatainn agus Bruach Chluaidh agus Muilleann-Ghaidh.
Tha Alexandria, Dùn Breatainn fhèin agus Bruach Chluaidh anns an sgìre seo. Ro 2024 bha i ann an crìch ri Earra-Ghàidheal agus Bòd, Sruighlea, Glaschu an Iar-Thuath agus Siorrachd Dhùn Breatann an Ear.
Chaidh na h-ainmean nan sgìrean eile atharrachadh airson 2024: Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas, Sruighlea agus Srath Ailein, Siorrachd Dhùn Breatainn Mheadhanach agus Glaschu an Iar. Bu ionann na crìochan fhèin ach pìos beag dhen Eochair tuath air an loidhne rèile, iar air Sràid Kelso is deas air a' chanàl a chaidh dhan sgìre seo.[2]