Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh (sgìre Phàrlamaid Westminster)

Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Dàibhidh Mundell BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 68,330
Àireamh-bhòtaidh 49,153
Mòr-chuid 3,781[1]

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh (Beurla: Dumfriesshire, Clydesdale and Tweeddale) (Beurla: Dumfriesshire, Clydesdale and Tweeddale).

Cruthaicheadh e ann an 2005. Tha Inbhir Anainn, Bigear, Dùn Phris fhèin, Greatna, Logarbaidh, Mofad agus Na Pùballan anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig, Cille Mhearnaig agus Lùghdan, Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige, Lannraig agus Hamilton an Ear, Baile Dhunlèibhe, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Lodainn Mheadhanach agus Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig.

Tha pàirtean na sgìre ann an Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh, Comhairle nan Crìochan agus Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas.

Chaidh an Tòraidheach Dàibhidh Mundell na BhP ann an 2005.

Buill-Phàrlamaid

[deasaich | deasaich an tùs]
Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2019[1] Dàibhidh Mundell Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba 3781 49153
2017[1] Dàibhidh Mundell Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba 9441 48964
2015[1] Dàibhidh Mundell Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba 798 52134

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Dumfriesshire, Clydesdale & Tweeddale parliamentary constituency(Beurla). BBC. Air a thogail 4mh dhen Iuchar 2017.
  2. Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)