'S e fear den Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Siorrachd Lannraig le Lannraig mar prìomh-bhaile. Chaidh i sgaoileadh ann an 1975 nuair a chaidh i na pàirt de Roinn Srath Chluaidh.
Ann an 1162 thoir Maol Chaluim IV na h-Alba am fearann far a bheil an t-Àrd Ruigh agus Coatbridge an latha an-diugh gu manaich Chisteirsich à Abaid a' Bhatail Nuaidh. Seo as coireach a tha "Bad nam Manach" air. Stèidhich iad tuathanasan is muilleanan agus bha iad na chiad dhaoine a chladhaich gual às an talamh. Chaidh an oighreachdan a sgaoileadh aig àm an Ath-Leasachaidh.[1]
Sgrìobh Tormod E. Dòmhnallach sreath de dh'aistean mu Gàidheil ann an Siorramachd Lannraig ann an Gairm.[2][3][4][5]
Chuireadh Comann Ghaidheil Lannraig air bonn ron dàrna chogadh le Gàidheil ann an Siorrachd Lannraig a bhiodh a' cruinneachadh ann an Hamilton. Chaidh e à bith ri linn a' chogaidh.[6] As dèidh a' chogaidh, chuireadh comainn air leth ann an Hamilton, Lannraig agus Tobar na Màthar.[6] B' e Sandy Wilson (Anndra Alasdair MacUilleim) a' chiad cheannard air a' chomainn ann an Hamilton. Bha e na cheannard fad deich bliadhna fichead.[6]