'S e Slèite fear de na còig rubhan mòra a tha a' dèanamh còmhla an t-Eilean Sgitheanach.
Thàinig an t-ainm Sléite neo Sléibhte bhon fhacal Seann Lochlannais "sléttr", a tha a’ ciallachadh: "rèidh, sèimh". [1] An déidh 1981 dh' atharraich an t-ainm gu Slèite.
Seo cuid de na bailtean agus seann bhailtean ann an Sléite:
Tha a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.
Tha mòran lochan ann an Slèite. 'S Loch nan Uamh am fear as motha a th' ann, tha e cho mòr ri 26.7 ha (66 acair).[2] Tha e suidhichte ann am meadhan Slèite, faisg air Loch Dhùghaill (20.8 ha (51.4 acair)), an treasamh loch as motha ann an rubha seo.[3] Deas air an dà loch tha Loch a' Ghlinne ann agus le fharsaingeachd de 26.6 ha (65.7 acair) tha e dìreach beagan nas lugha na Loch nan Uamh.[4]
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh