‘S e Solas na Grèine aon de na laoidhean is ainmeil agus fear a tha gu h-àraidh cumanta a measg clann sgoile. Chan eil e ainmeil mar laoidh àbhaisteach a-mhàin; chuir an seinneadair Cat Stevens a-mach clàr leis fhèin a seinn an laoidh ann an 1971. Dh'fhàs torr dhaoine eòlach air an laoidh tron an dreach sònraichte a chuir Stevens air an deidh dhan an clàr aige No. 6 a ruighinn anns na charts Aimeireagach. Gu dearbh chanadh cuid gur e Solas na Grèine an ‘signature song’ aige.
Nochd an laoidh airson a chiad uair anns an dara iris den leabhar “Songs of Praise”, a chaidh fhoillseachadh an 1931. 'S ann ris am fonn ‘Bunessan’, le Martin Shaw, a bha na facail aig an t-àm seo. Thuirt deasaiche an leabhar, Percy Dearmer, gun robh feum ann airson laoidh a bha toirt seachad taing airson gach latha. Mar sin dh’iarr an bhìocar a bha a cruinneachadh pìosan airson an leabhar air am bàrd agus ùghdar-cloinne Shasannach, Eleanor Farjeon, “pìos bàrdachd a sgrìobhadh a dheidheadh còmhla ris am fonn àlainn Gàidhealach” a bhuineadh ris an 19mh linn.
Bha cliù mhòr aig Farjeon mar sgrìobhadair de leabhraichean chloinne. Rugadh i gu bana-chleasaiche agus sgrìobhadair agus dh'fhàs i suas ann an dachaidh far an robh mu 8,000 leabhar air na sgeilpichean. Thoisich i a sgrìobhadh sgeulachdan agus bàrdachd nuair a bha i seachd bliadhna a dh’aois agus mun am a bha i sia deug bha I air opara a sgrìobhadh airson Acadamaidh Rìoghail Ciùil. Bhuannaich I iomadh duais airson na leabhraichean aice.
Chaidh am fonn “Bunessan” a lorg anns an cruinneachadh aig L. McBean, “Songs and Hymns of the Gael”, a chaidh fhoillseachadh ann an 1900. Mus do sgrìobh Farjeon na facail airson am pìos, chaidh a chleachdadh mar duan Nollaig a bha a tòiseachadh le na facail “Child in the manger, Infant of Mary” air an eadar-theangachadh bho na facail Gàidhlig a sgrìobh Màiri NicDhòmhnaill. Bi an laoidheadair Caitligeach cuideachd a cleachdadh am fonn “This Day God Gives Me” còmhla ris na facail.
Chan ann mu madainn, no beul an latha, a tha am bàrdachd a bruidhinn ach mu Dia a cruthachadh Nèamh agus an Cruinne, mar a tha air innse san Seann Tiomnadh ann an leabhar Genesis. Gu h-inntinneach, ged a bha an bhìocar ag iarraidh laoidh mu chruitheachd, cha robh iad ag iarraidh laoidh a bha gu sònraichte Crìosdaidh na fhacail agus chanadh cuid gu bheil ceangal aig am pìos ri creideamhan nan Iùdhaich agus nam Muslamaich. Le mar a tha na facail a dèanamh dealbh de dh'uisge, dealt, dearrsadh na grèine, eòin, glasaich agus an “garadh fliuch”, dh’fhaodadh tu ràdh gu bheil na trì rannan cuir air adhart ìomhaigh de Ghàrradh Eden seach cruthachadh an talmhainn.